FÈIS DRÀMA DHEUGAIREAN – GAELIC YOUTH DRAMA
Air an 22mh den Ghiblean 2013 ghabh Fèis Drama Dheugairean àite ann an Talla Cluiche One Touch ann an Eden Court. B’ e Baile Dhubhthaich, Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain na trì buidhnean dràma a bha an sàs ann. Chaidh seo a chuir air dòigh airson dràma Gàidhlig a bhrosnachadh ann an sgoiltean. Thàinig cleasaiche Gàidhlig gu gach sgoil gach seachdainn airson na piosan dràma a chruthachadh. Air an latha thàinig na trì buidhnean còmhla airson a ruith thairis air na pìosan teigneòlach agus air an dràma gu lèir. Chuir Club Drama Òigridh Inbhir Pheofharain pìos dràma air dòigh leis an ainm Reulag/ Little Star. B’ e Sarah Kate NicIllinnein (S3), Rachel Kellow (S3), Rosie Shepherd (S3), Josie Chaimbeul (S2), Sam McCourt (S2), agus Michael Bentley (S1) na sgoilearan a bha an sàs anns an drama.
Le Rachel Kellow A.S 3

On the 22nd of April a Gaelic youth drama festival was held in the One Touch Theatre in Eden Court. Three schools were involved in the event, Tain Royal Academy, Inverness Royal Academy and Dingwall Academy. The event was held as part of an initiative to promote Gaelic drama in schools and it is hoped there will be many more Gaelic drama events to come. Representing Dingwall Gaelic Drama group in a play they wrote themselves (Reulag -Little Star) were Sarah Kate MacLennan, Rosie Shepherd and Rachel Kellow in S3, Josie Campbell and Sam McCourt in S2 and last but definitly not least, Michael Bentley in S1
Rosie Shepherd S3

DRAMA

Bidh bùth-obrach dràma Gàidhlig a’ toiseachadh anns an sgoil air 19 Gearran. A’ coinneachadh gach feasgar Diciadain as-dèidh na sgoile anns an rùm choinneimh mu choinneamh oifis na sgoile.

Bidh Aonghas MacLeòid ann à Fèisean nan Gàidheal agus ‘s e tha na amas dhuinn gum bi sinn deiseil gus oidhche mhòr a chur air dòigh còmhla ri sgoiltean eile aig Eden Court sa Ghiblean. Siuthadaibh, gheibh sibh latha far na sgoile cuideachd gus ullachadh airson na h-oidhche mhòir’!

Eachann nan Cath

Seo pìos mu dheidhinn gaisgeach Gàidhealach às an sgìre againn fhèin. Cò agaibh a tha air a bhith shuas aig an tùr a tha a’ coimhead thairis air Inbhir Pheofharain? Tha an tùr sin na charragh-chuimhne dha. Tha e inntinneach gun robh e na shaighdear ann an Afghanistan. Co-mheud saighdear Gàidhealach atha thall an sin an-drasta?

(Dè tha na facail neo na h-abairtean ann an dubh a’ ciallachadh?)

Cliù Eachainn nan Cath ga Ùrachadh

‘B e Eachann MacDhòmhnaill fear de na saighdearan a b’ ainmeile bho linn Bhictoria – ach tha dragh air cuid ann an Siorrachd Rois gu bheil cliù Eachainn nan Cath air a dhol air diochuimhne.

Rugadh Eachann MacDhòmhnaill ann an 1853 air tuathanas san Eilean Dubh.

Choisinn e chliù dha fhèin anns na cogaidhean Afganach, Innseanach is Afraganach chun na h-ìre is gun do dh’ èirich e gu bhith na Mhàidsear-Seanailear agus na Ridire.

Bha seo aig àm nuair a bha glè bheag de dhaoine ag èirigh suas gu àrd ìre bho thaobh a-staigh an airm fhèin.

“Tha mi a’ creidsinn gur e duine uamhasach comasach a bh’ann, sàr shaighdear a bh’ann”, thuirt Seumas Grannd, aig a bheil cairdeas teaghlaich ri Eachann nan Cath.

“Chaidh e dhan airm nuair a bha e 17 – taobh a-staigh trì bliadhna bha e na Shergeant”, thuirt e.

Tha cuid de na dòighean sabaid a bh’aig Eachann nan Cath gan cleachdadh suas chun là an-diugh.

Farmad

Tha e coltach ge-tà gun do chuir na comasan aig Eachann nan Cath, agus cho luath sa ràinig e àrd ìre san airm, cuthach air feadhainn eile san airm.

Chaidh a chur às leth Eachann nan Cath gun robh e ri fearas-feise.

Goirid as dèidh sin, ann an 1903, chaidh fhaighinn marbh ann an taigh-osta ann am Paris, is coltas ann gun robh e air làmh a chur na bheatha fhèin.

Bha na h-uidhir de chonnspaid mu thimcheall air a bhàs ge-tà.

“Nuair a thàinig e bhràthair a-mach chan fhaca e an corp aige”, thuirt Seumas Grannd.

“Nuair a chaidh a thoirt air ais a Bhreatainn, chaidh a thiodhlaigeadh aig leth uair as dèidh sia sa mhadainn ann an Dùn Èideann.

“Bha an rud car neònach”, thuirt e.

Fathanan

Bha fathanan fiù ‘s – nach deach a-riamh a dhearbhadh – nach do chuir Eachann làmh na bheatha fhèin idir, is gur ann a chaidh e na shaighdear ann an airm na Gearmailt.

Tha mòran den bheachd gur e mar a fhuair Eachann MacDhòmhnaill bàs a bu choireach airson nach eil cuimhne cheart air san là a th’ann.

‘S e sin a tha a’ fàgail gu bheil Comann Chlann Dòmhnaill a-nise airson ath-nuadhachadh a thoirt air dìleab Eachainn nan Cath.

Tha iad a’ comharrachadh a cho là breith an t-seachdainn seo le ciùrm aig an tùr ann an Inbhir Pheofharan a thogadh mar chuimhneachan air.

Tha iad an dòchas gur e toiseach-tòiseachaidh a tha sin – gun cuir daoine eòlas a-rithist air na rinn Eachann nan Cath.

Leughaibh tuilleadh mu dheidhinn air a’ cheangal seo…

http://www.ambaile.org.uk/gd/item/item_photograph.jsp?item_id=35330

AN AITHNE DHUIBH-SE DUINE SAM BITH MAR SEO? MA DH’AITHNICHEAS CÙM AGAIBH FHÈIN E!

Gaothan – Fear a tha bòstail, a’ bruidhinn mu dheidhinn fhèin an-còmhnaidh

Garran – cudeigin a tha droch nàdarrach

Gealtaire – cuideigin uamhasach diùid, sàmhach, clisgeach

Gidreaman – duine beag gun fheum a bhios anns a’ rathad ort

Gil’aoidhream – rud beag gòrach, faoin

Gille-mirein – mu do chasan fad an t-siubhail (mar spinning top)neo a’ falbh ‘s a’ tighinn gun stad.

Giolaman – cuideigin a bhios a’ bruidhinn gun sgur gun a bhith ag ràdh càil

Gircean – Cuidieign uamhasach bog, lag, nach urrainn dèiligeadh ri rudan

Gi’thabh – amadan gòrach gun mòran eadar a dhà chluais

Giùgaire –  Fear a tha gu math sooky, cringey, ag innse dhut cho mìorbhaileach ‘s a tha thu ann an dòigh shlìogach, eagallach ‘s dòcha.

Giullan – fear  nach eil uamhasach làidir, rud beag boireanta ‘s dòcha

Glagaire – cuideigin fuaimeal, bruidhneach a bhios ri fothal  agus goistidh ( gossip)

Gliogaire –  Fear àrd, caol, a bhios a’ bualadh ann an rudan agus a’ truisleadh

Glogaidh-thòth – Fear nach eil fearail, làidir no smioral. Fear a tha car boireanta.

Gnuigean – Fear a tha stùirceach, greannach a’ coimhead

Gocaman – Cuideigin a bhios gad leantainn fad an t-siubhail, mar chuilean beag.

Grioban – fear a tha bragail is mi-mhodhail. Meaban

Glaoic – amadan

Gòcan – Fear ann an saoghal leis fhèin gun mòran toinisg no tùr

Gòcag – Tè coltach ri Gòcan.

Feuch a-nis an lorg thu iad. Bruth air a’ cheangal gu h-iseal…

http://www.teachers-direct.co.uk/resources/wordsearches/preview.aspx?puzzle-number=999422

Fàilte

Fàilte chridheil oirbh uile don bhlog. Thathas an dòchas gun cleachd sibh an làrach-sa gus fiosrachadh, taic agus beagan spòrs is fealla-dhà fhaighinn. Bidh sinn a’ cur an àrd fiosrachadh air na tha a’ tachairt ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an Acadamaidh a bharrachd air taic is comhairle dhuibh air caochladh chuspairean. Feumaidh sinn dealbh dòigheil oifigeil fhaighinn airson a’ bhlog ach anns an eadar-ama nì an lèine-t seo  a’ chùis agus, gu dearbha,  s’ ann air an lèine-t a tha ceist na seachdaine stèidhte….

Cèist na seachdaine – càit a bheil a’ mhearachd air an lèine t.

Cuideachd ma tha sibhse a’ faicinn mearachd sam bith air sanasan rathaid neo eile sa choimhearsnachd togaibh dealbh dhi agus cuiridh sinn an àrd air a’ bhlog i.